Cànan
An teirm seo tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn stòraidhean tradaiseanta is dh’ionnsaich sinn an t-seachdain seo an stòiridh ‘Labhraidh Loingseach’. Fhreagair sinn ceistean air an stòiridh cuideachd. Bha an stòiridh fìor mhath.
Cuspair
An t-seachdain seo choimhead sinn airais air dè bha sinn ag iarraidh ionnsachadh. Thagh sinn gun ionnsaicheadh sinn barrachd mu dheidhinn Albais. Choimhead sinn air faclan mar:
- Puddock – losgan – toad
- Sleekit – seolta – sly
- Wabbit – gun anail – out of breath
- Nicht – oidhche – night
- Hame – dhachaigh – home
- Hert – cridhe – heart
- Heid – ceann – head
Choimhead sinn air na leabhraichean ‘Oor Wullie’ is chruthaich sinn striop comic againn fhìn. Chan eil sinn buileach deiseal leotha fhathast. Chì sibh dealbhan an ath sheachdain.
Taing mhòir gu Rosa, Roddy, Ali is Aoife airson na leabhraichean Oor Wullie!
Matamataig
Choimhead sinn air farsaingachd an t-seachdain seo is ciamar a bhitheas sinn a’ dearbhadh farsaingeachd.
Ealain
Bha sinn a’ dealbhadh ar caraidean le pensail an t-seachdain seo.
Drama – Fèisean Nan Gàidheal
Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn ath chuartachadh is truailleachd an t-saoghal. Chaidh sinn mun cuairt an talla is fhreagair sinn ceistean mu dheidhinn an dealbh-cluich.
Airson spòrs
How many seconds are there in one year?
Gheibh sibh a-mach air Diluain!
.