Leasachadh Clas 7

An-diugh ann an Clas 7 thòisich sinn a bhith ag obair air Sgilean Beatha agus Cruthachaileachd.  Tha sinn uile a’ dèanamh fiughair mhòr ris a seo.  Sheall sinn air a na tha sinn gus ionnsachadh troimhe agus chur sinn ri chèile tòiseach tòiseachaidh ann an ‘leabhar leasachaidh.’ Tha sinn uile a’ faighinn cothrom a bhith a’ dealbhachadh còmhdach pearsanta airson an leabhraichean againn fhìn agus tha gu leòr cruthachaileachd air a bhith dol mar tha.

Tha sinn air an cothrom fhaighinn a bhith a’ dèanamh roghainnean air na tha sinn dol a dh’ionnsachadh agus a bhith a’ dèanamh planaichean!

Diluain, tha sinn gus tòiseachadh air a bhith gabhail uallach airson ar n-obair fhèin agus a bhith ag ionnsachadh ann an dòigean diofraichte airson a bhith stiùireadh ar n-ionnsachadh.

 

Bidh ‘surprise’ no dhà a’ feitheamh air na sgoilearan madainn Diluain! Tha tidsear Clas 7 uile air bhioran!

Bòrd nan Deagh Naidheachdan

Ann an Clas 3F, tha bòrd againn airson naidheachdan math a shealltainn. Tha cuid den chlas air bonn no dealbhan a thoirt a-steach airson a’ bhùird.

Mar eisimpleir, bhuanaich Keeva agus Madie bonn airson ball-coise agus bhuanaich Dawid bonn air sgàth ‘s gun deach e cuairt air baidhseagal timcheall baile Ghlaschu fad 54 mìle!! Wow!!

Rinn Mhairi dealbh ÀLAINN aig an taigh a’ tarraing bheachdan bho an leabhar-chlas againn ‘”Nì siud a chùis” thuirt na creidheannan’. Chuir i dath gorm air a’ ghrian gus nach biodh Orains agus buidhe a’ sabaid! Deagh bheachd a’ Mhairi!

 

Seachdain a’ Toiseachadh 23.09.19

Cànan

Tha sinn air a bhith ag obrachadh air sgrìobhadh impidheach.  Tha sinn gu bhith a’ sgrìobhadh litrichean dhan cheannard feuch an iompaich sinn i.  Cuiridh sinn crioch air na litrichean an ath sheachdain.

Matamataig

Choimhead sinn air cumaidhean cruth 3D an t-seachdain seo is fhuair sinn an cothrom na cumaidhean cruth 3D a chruthachadh cuideachd!  Seall air iad seo!

Le Dr Jones, lean sinn oirnn le bhith ag ionnsachadh mar a bhios sinn ag obrachadh a-mach farsgaineachd.

Spòrs

Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mar a bhios sinn ag obrachadh ann an diofar sgiobaidhean ann an unihoc còmhla ri Mgr Vitry an teirm seo.  Tha sinn den bheachd gu bheil sinn a’ dèanamh adhartas le bhith ag obrachadh còmhla ri daoine eile.

Cuspair

Tha sinn a’ cur crioch air an cuspair Alba Àlainn an t-seachdain seo is tha sinn a’ cleachdadh na sgilean teicneolas againn airson taisbeanaidhean a churthachadh.  Chleachd sinn na notaichean a chruthaich sinn ann an cànan airson ar cuideachadh leis na taisbeanaidhean.

Tha sinn air toiseachadh air an cuspair ùr againn – Forsaichean.  Dh’ionnsaich sinn mu iom-tharraing agus lùth-suathaidh.

 

Airson Spòrs

Q: What two things can you never eat for breakfast?

 

Gheibh sibh a-mach air Diluain!

Clas 1 Buidhe A-muigh sa Choimhearsnachd agus Cèilidh bho na Poileis!

Is e “Mo Choimhearsnachd” an cuspair againn an-dràsta. Mar sin, tha sinn air a bhith a’ coimhead air an àrainneachd timcheall oirnn agus taobh muigh na sgoile. Air Dimàirt ghabh sinn cuairt suas Slighe Lìte agus tron phàirc, a’ coimhead air na bùthan, na daoine agus na togalaichean mun cuairt oirnn. Bha tòrr rudan inntinneach ann!  Dh’ionnsaich sinn cuideachd mar is urrainn dhuinn fuireach sàbhailte nuair a tha sinn a-muigh sa bhaile.

Mar phàirt den chuspair againn, bha cèilidh inntinneach dha-rìribh againn Diardaoin bho na poileis! Dh’ionnsaich sinn dè a bhios na poileis a’ dèanamh san àrainneachd againn, agus mar is urrainn dhaibh ar cuideachadh nuair a tha feum againn orra. Fhuair sinn cuideachd an cothrom feuchainn air cuid den èideadh aca. Chòrd seo rinn gu mòr!

Mo Choimhearsnachd

Mar phàirt den phròiseact Mo Choimhearsnachd, chaidh C1U air cuairt bheag timcheall air Liìte gus faicinn dè th’ againn na ar coimhearsnachd. Chòrd seo riutha gu mòr agus chunnaic iad àitichean air an robh iad eòlach cuideachd. Thug seo cothrom mhath do na sgoilearan ionnsachadh mu dheidhinn cho cudromach agus a tha e a bhith cùmail sàbhailt fad ‘s a tha sinn a’ coiseachd sa bhaile.

 

 

Useful websites/ Larachan-linn cuideachail

A couple of websites that could be helpful for parents to look at if you fancied:

https://www.lasadh.co.uk  – This one is all in Gaelic so maybe a bit tricky but it has a huge variety of resources available.

https://www.gaelic4parents.com/ – Very helpful for reading with your children.

https://www.learngaelic.net/ – Videos, grammar, dictionary, help with pronunciation of words.

Moran taing : )