Clas 1 Gorm s.t. 2.9.19

Slàinte agus sunnd

Bha sinn a’ smaoineachadh mu dheidhinn a bhith a’ faireachdainn toilichte (àrd) no brònach (ìosal). Smaoinich sinn air rudan a tha gar dèanamh toilichte agus rudan a tha gar dèanamh brònach.  Chluich sinn le paraisiut agus smaoinich sinn mu dheidhinn ‘àrd’ agus ‘ìosal’.

 

Leughadh

Tha sinn a’ leughadh sgeulachdan traidiseanta an teirm seo. Thòisich sinn air Na Trì Mucan Beaga agus thog sinn taighean le fodar, maidean agus breigichean.

    

 

Dh’ionnsaich sinn na laithean den t-seachdain.

Sgrìobhadh

Bha sinn air bhioran a’ sgrìobhadh anns na diotaran ùra againn.

Pròiseact: Mo Choimhearsnachd

Dh’ionnsaich sinn  mu dheidhinn na daoine anns an sgoil a tha a’ toirt taic dhuinn. Chaidh sinn a chèilidh air a’ Cheannard agus an Dorsair.

   

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *