Clas 1 Gorm : WOW Thuirt a’ Chailleach Oidhche s.t. 19.8.19

An t-seachdain seo, chùm sinn oirnn le obair ceangailte ris an sgeulachd. Bhruidhinn sinn air latha agus oidhche agus dè a chì thu tron latha agus oidhche. Rinn sinn obair air na prìomh-dhathan. Rinn sinn deuchainn agus dh’ionnsaich sinn dè thachras nuair a tha iad measgaichte ri chèile.

     

      

Bha sinn a’ cunntadh air adhart bho neoni gu còig agus air ais.  (0 -5)

Bhruidhinn sinn mu dheidhinn riaghailtean ar clas agus thagh sinn ‘Bi Còir.’ Chaidh sinn gu ceòl còmhla ri Patsy Seddon airson a’ chiad uair. Dh’ionnsaich sinn òran ùr agus chord e rinn gu mòr.

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *