Clas 1 Buidhe A-muigh sa Choimhearsnachd agus Cèilidh bho na Poileis!

Is e “Mo Choimhearsnachd” an cuspair againn an-dràsta. Mar sin, tha sinn air a bhith a’ coimhead air an àrainneachd timcheall oirnn agus taobh muigh na sgoile. Air Dimàirt ghabh sinn cuairt suas Slighe Lìte agus tron phàirc, a’ coimhead air na bùthan, na daoine agus na togalaichean mun cuairt oirnn. Bha tòrr rudan inntinneach ann!  Dh’ionnsaich sinn cuideachd mar is urrainn dhuinn fuireach sàbhailte nuair a tha sinn a-muigh sa bhaile.

Mar phàirt den chuspair againn, bha cèilidh inntinneach dha-rìribh againn Diardaoin bho na poileis! Dh’ionnsaich sinn dè a bhios na poileis a’ dèanamh san àrainneachd againn, agus mar is urrainn dhaibh ar cuideachadh nuair a tha feum againn orra. Fhuair sinn cuideachd an cothrom feuchainn air cuid den èideadh aca. Chòrd seo rinn gu mòr!