An teirm seo ‘s e “Lìte: Ar Coimhearsnachd” a th’ anns a’ phroiseact againn. Rinn sinn mapaichean dhen àite agus dealbhan de Chladach Lìte.
Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn na tramaichean agus dè cho fad ‘s a tha iad air a bhith gan togail. Bha deaspad againn mun deidhinn agus bha tòrr bheachdan againn airson agus an aghadh na tramaichean.
Bhruidhinn sinn cuideacdhd mu dheidhinn an iomairt “Sàbhail Leith Walk” agus smaoinich sinn mu dheidhinn na ‘s urrainn dhuinn a dhèanamh leis na togalaichean a tha seo. Bu toil leinn pàirc ùr agus amar snàmh a bhith ann, no dìreach buthan ùra.
Dh’íonnsaich sinn mu dheidhinn àm buain agus rinn sinn postairean mu dheidhinn. Choimhead sinn air bhidio mu dheidhinn bancaidhean bìdh agus thug sinn biadh a-steach airson am banca bìdh an-seo ann an Lìte.
Deagh shaor làithean dhuibh uile,
Clas 3/2