Halo a h-uile duine agus fàilte gu blog Clas 3/2!
Tha mi duilich nach do sgrìobh sinn Blog fhathast am bliadhna ach tha mi a’ gealltainn dhuibh gum bi fear ann gach seachdain bho seo a-mach! Tha an Clar-àma (timetable) airson a’ chlas agus an Powerpoint bho oidhche Coinnich An Tidsear (Meet the Teacher) ceangailte gu h-ìosal.
Tha sinn air a bhith trang ann an Clas 3/2 – ag ionnsachadh mu dheidhinn cumaidhean agus gan cur ri chèile airson dealbhan agus pàtrain a chruthachadh.
Rinn Clas 3 geamannan buird cuideachd airson sùil a thoirt air ais air Faclan Cumanta 1 agus bha tòrr spòrs againn gan cluich.
Tìoraidh,
Miss Bloomer & Clas 3/2