Seachdain a’ Toiseachadh 28.10.19

Cànan

Tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn dràma an teirm seo.  Choimhead sinn air an leabhar Fèill na Sgoile.  Chaidh sinn ann am buidhnean is dh’obraich sinn air ar sgilean labhairt is ath chruthaich sinn na caractaran bhon leabhar.

Cuspair

Ann an cuspair bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn Diwali.  Choimhead sinn air an sgeulachd Rama agus Sita.  Chruthaich sinn pìosan ealain le cleasan teine airson a bhith a’ comharrrach Fèill Solais.

Spàinnteis

Bha sinn ag ionnsachadh mu bhriathrachas mu dheidhinn Oidhche Shamhna

Matamataig

Bha sinn ag ionnsachadh ciamar a bhitheas sinn a’ leughadh agus a’ fusgladh ceistean Ghàidhlig.  Choimhead sinn air òrdachadh agus pàtrain.

Teicneòlas

Rinn sinn Stop Motion animation mu dheidhinn sgeulachd Fèill na Sgoile.  Tha sinn a’ ceangal teicneòlas agus cànan còmhla an teirm seo.

Slàint’ is Sunnd

Choimhead sinn air an ionad Cùm Ceangailte.  Dh’ionnsaich sinn barrachd mu dheidhinn a chèile le bhith a’ bruidhinn ri chèile mu dheidhinn ar cur-seachadan.

Airson Spòrs

Q. Why is Cinderella so bad at football?

Gheibh sibh a-mach air Diluain

 

 

 

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *