Seachdain a’ Toiseachadh 04.11.19

Cànan

Bha sinn ag ionnsachadh ciamar a bhios sinn ag aithneachadh ainmearan.  An ath sheachdain coimheadaidh sinn air na diofar sheòrsaichean de dh’ainmear a th’ againn.  Bha sinn a’ coimhead air an stòiridh Rama agus Sita a-rithist is dh’atharraich sinn na seantansan gus an do chleachd sinn buadhairean inntinneach nar sgrìobhadh.

Matamataig

An t-seachdain seo bha sinn ag obrachadh air BODMAS -na riaghaltean air òrdugh.  Bha sinn cuideachd ag obrachadh air roinneadh.  Chruthaich sinn postair mòr airson cuimhneachadh air riaghaltean BODMAS.

Spàinnteis

Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn na h-ainmean Spàinnteis co-cheangailte ri taigh. Bha sinn a’ cleachdadh na sgilean teicneolas againn le bhith a’ dèanamh geama Spàinnteis air na h-Ipads.

Cuspair

Chruthaich sinn liùghagan drama le stòiridh Rama is Sita is chlàr sinn iad.  Cuiridh sinn na bhidiothan suas an seo a dh’aithghearr!

Airson spòrs 

A farmer had a wooden tractor, with wooden wheels and a wooden engine. And guess what……

Gheibh sibh a-mach Diluain!