Chòrd Sgoil Coille ri Clas 3S gu mòr! Thog sinn taighean airson daoine beaga agus air ar son fhìn. Bha tòrr spòrs againn a’ dèanamh cùirsean cnap-starraidh le ròpan. Aig deireadh gach seisean, fhuair sinn deoch teatha agus aran-coirce le mìl. Ium Ium! Mìle taing do Lucy airson Sgoil Choille a stùireadh.