Diwali

Thairis air an cola-deug mu dheireadh tha an clas air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn fèill Diwali. Bhruidhinn sinn mu dheidhinn na diofar chreideamhan a th’ ann air feadh an t-saoghal agus gu bheil Diwali mar phàirt den chreideamh Hindu. Leugh sinn sgeulachd Rama agus Sita agus dh’ionnsaich sinn carson a tha Fèill nan Solas na phàirt chudromach dhan chreideamh. Tha e air còrdadh ris a’ chlas a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn Diwali agus a bhith a’ cruthachadh pàtrain Rangoli, dealbhadh chleasan-teine agus a’ dèanamh lampaichean diva a-mach à criadha. Tha e air a bhith na chothrom ionnsachaidh mhath dhan a’ chlas.

.