Seachdain a’ toiseachadh 25.11.19

Cànan

Gach Diluain tha sinn ag obrachadh air ar obair-dachaigh.  Chruthaich sinn ceithir stèiseanan – bha sinn a’ dol mun cuairt gach stèisean is bha obair diofraichte aig gach stèisean dhuinn.

Aig  stèisean aon-  dh’fheumadh tu lorg na faclan cumanta agad ann an leabhraichean Ghàidhlig is an uairsin an t-seantans sin a sgrìobhadh a-mach.

Stèisean Dhà –    Bha diofar gheamanan againn le ar faclan cumnanta.  Chluich sinn ‘Nathraichean is Àradhraidhean’.

 

Stèisean Trì – Geamanan Faclan Cumanta – feumaidh tu na faclan agad a sgrìobhadh ann an diofar dòighean.

 

Stèisean Ceithir – Clàradh – Tha sinn a’ cruthachadh seantans le na faclan cumanta againn is tha sinn gan clàradh.  Coimhead air na googedrive airson cluinntinn ar seantansan.

Matamataig

Bha sinn ag ionnsachadh ciamar a bhiodh sinn ag obrachadh a-mach diofar seòrsaichean de bhloighean.  An ath sheachdain bidh sinn ag ionnsachadh barrachd mu dheidhinn bloighean co-ionann.

Thòisich sinn ri bhith ag obrachadh air geamanan uiread an t-seachdain seo cuideachd.

Cuspair

Bha sinn a’ cruthachadh bàtaichean.  Tha am cuspair againn mu dheidhinn Forsaichean.  Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn ‘Fleòdrach is Plumadh’.

Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn uisge-dhìonach is am b’urrainn dha na bàtaichean againn a bhith mar uisge-dhìonach.

Spàinnteis

Bha sinn ag ionnsachadh faclan spàinnteis mu dheidhinn dè na rudan a bhitheas a’ tachairt ann am baile mòr.

Spòrs

Tha sinn a’ toiseachadh air dannsa Gàidhealach an-diugh. Ann an luth-chleasachd rinn sinn obair air na brataich an t-seachdain seo.

 

Airson Spòrs

Q: What do Penguins wear to the beach?

 

Gheibh sibh a-mach air Diluain!

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *