Anns an sgoil-àraich tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn aimsir. Chuidich a’ Bh-uas NicNeacail sinn a’ cruthachadh stèisean na h-aimsire airson a’ ghàrradh againn.
A-nis ‘s urrainn dhuinn tomhais agus clàradh àird na gaoithe, an teothachd agus dè na thuit de uisge gach là.
Bidh sinn cuideach a’ seinn an orain seo airson ar cuideachadh leis na facail Gàidhlig airson diofar seòrsa aimsir:
Dè seòrsa tìde a th’ againn an-diugh?
Dè seòrsa tìde a th’ againn an-diugh?
A bheil an t-uisge ann,
A bheil e grianach,
A bheil e sgòthach,
Dè do bheachd?
A bheil e gaothach,
A bheil e tioram,
A bheil e reòite
Làn le sneachd?
Dè seòrsa tìde a th’ againn an -diugh?
Abair thusa tìde a th’ againn an-diugh!
Abair thusa tìde a th’ againn an-diugh!
In sgoil-àraich we have been learning all about the weather. Ms. Nicolson helped us to create our own weather station for the sgoil-àraich garden.
Now we can measure and record the wind direction, the temperature and the rain fall each day.
We also sing the song above to help us learn the Gaelic vocabulary for the different types of weather.