C2D- 13/01/20

Seachdain 13/01/20

An t-seachdain sa chaidh bha sinn ag obair gu cruaidh air na faclan cumanta againn. Chleachd sinn Jenga gus geama spòrsail a dhèanamh le cuid dè na faclan ùra againn. Cuideachd chleachd sinn na IPads airson na faclan a dhèanamh ann an doigh eadar-dhealaichte agus sgrìobh sinn seantans leotha.

Ann am matamataigs bha sinn ag obair air àireamhan òrdachadh bho 1-100 agus àireamahn a thèid suas ann an deichean.

òisich sinn ag obair air ‘Àireamh an Latha’ agus nì sinn seo gach latha le àireamh ùr. ’S e dòigh math a th’ ann airson na sgilean innleachdan inntinn a leasachadh.