Cuspair C5C

Is e ‘Creideamhan an t-Saoghail’ cuspair C5C an teirm seo,  às deidh dhuinn bhòt a dhèanamh, thagh sinn a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn Creideamh nan Sikh agus Iùdhachd.  Seo cuid de na pìosan fiosrachaidh a tha sinn air ionnsachadh.

Creideamh nan Sikh

Gu h-inntinneach, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn Creideamh nan Sikh agus dè a th’ ann an Guru Granth Sahib agus Gurdwara.

Gu neònach, bidh daoine ag ithe ri chèile ann an Gurdwara anns a’ chidsin leis an ainm Langar.

Gu h-iongantach, tha ceithir doras air Gurdwara: doras beòshlainte, doras gràis, doras ionnsachaidh is doras sìth.

Gu h-inntinneach, tha 10 Guru spaideil air a bhith ann cuideachd ‘s e am fear mu dheireadh an Guru Granth Sahib. A bharrachd air a sin, is e leabhar a th’ ann cuideachd!

 

Iùdhachd

Gu brònach, anns an Dàrna Chogadh Mhòir, bha Hitler a’ cur  tòrr Iùdhaich, mar Anne Frank, gu bàs. Bha iad air an toirt gu concentration camps.

Gu fortanach, iomadh bliadhna air ais, bha cumhachd Dhè aig Maois agus rinn e sgarradh air a’ mhuir.

Gu h-inntinneach, anns an Torah, tha a’ chiad còig chaibidealan den Bhìoball ann.

Gu h-inntinneach, cha bhi na h-Iùdhaich a’ sgrìobhadh ainm Dhè sìos air sgath ’s gu bheil e ro phrìseil.  Sgrìobhaidh iad G*d.

 

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *