Feasgar math,
An t-seachdainn sa ann an Clas 3S, bha sinn ag ionnsachadh ar casan a ghluasad san doigh ‘chasse’ ann am badmantan.
Cuideachd, chuir sinn crìoch air ar cupsair ‘Saidheans anns na Naidheachdan’ agus rinn sinn dealbh den t-saoghal le cinn botail bainne. Mòran taing dhan a h-uile daoine a thug cinn a-steach dhuinn. Nach eil an dealbh againn a’ coimhead mìorbhailleach!
Ann am Matamataigs, thòisich sinn a’ dèanamh roinneamh. Seall oirnn a’ cruthachadh buidhnean co-ionnan!
Tioraidh an-dràsta!
C3S!