An t-seachdain seo, tha sinn air a bhith a’ fàs nas comhfhurtaile leis na clàr-ama ùr againn. Seo na rudan a bha an clas airson innse dhiubh mun t-seachdain seo.
“A h-uile latha, bidh sinn a’ tòiseachadh le fonaigs. Tha sinn air a bhith a’ dèanamh leabhar de na fuaimean again.”
“Tha sinn air a bhith a’ togail le blocaichean.”
“Chleachd sinn masgaichean airson dealbh-chluich a chur air adhart.”
“Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu riaghailtean a’ chlas.”
“Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu àireamh ùr a h-uile latha.”
“Tha an ùine ciùil is ealain againn air còrdadh rinn.”
Bidh sinn a’ sgrìobhadh a’ bhloga gach seachdain aig àm bìdh Dihaoine againn. Deireadh-seachdain socair dhiubh, C2O, tha thu air a bhith ag obair cho cruaidh!