Cànan
An t-seachdain seo tha sinn air a bhith a’ toirt sùil air sgeulachdan traidiseanta. Choimhead sinn air an sgeulachd ‘Duais a’ Chait’ agus fad na seachdaine dh’atharraich sinn an sgeulachd le bhith a’ cur caractaran ris agus ag atharrachadh an deireadh. Bha eisimpleirean fìor mhath againn is chaidh tòrr obair chruaidh a chuir a-steach do na sgeulachdan againn.
Matamataig
Bha sinn a’ coimhead air iomadachadh fada an t-seachdain seo. Thug sinn sùil mhionaideach air modh a’ cholbh (column method). An ath sheachdain bidh sinn ag ionnsachadh mun dòigh clèithe (grid method).
Spòrs
Tha sinn a’ coimhead air fallaineachd agus obair-sgioba ann an spòrs an teirm seo.
Slàint’ is Sunnd
An t-seachdain sa chaidh choimhead sinn air am film ‘Inside Out’ agus an t-seachdain seo thòisich sinn a’ bruidhinn air na cuspairean san fhilm. Chruthaich sinn na teamplaidean againn fhèin de na tha gar dèanamh air leth bho dhaoine eile.