[C3S] S.T 21.09.20

Thòisich sinn ar cuspair ùr mu dheidhinn ar coimhearsneachd- Lìte.

Chaidh sinn air turas gu Abhainn Lìte agus Cladach Lìte. Chunnaic sinn taighean, bùthan, tunnagan agus eala. Abair gu robh cuairt mhath againn!

Cuideachd, rinn sinn mapaichean de Lìte a-muigh le stuthan. An urrainn dhut Abhainn Lìte, an sgoil agus Pàirce Pilrig fhaicinn?

s/t/21.9.20

Matamataig

An t-seachdain seo, bha sinn ag obair air toirt air falbh agus luach a-rèir àite

. Airson Matamataig Cìnn, bha sinn ag obair air na clàran urraid,

 

Cànan

Airson sgrìobhadh pearsanta, rinn sinn uile leabhar-là. Ath-sgrìobh sinn stòiridh cuideachd agus bha sinn ag obair air fonaigs Beurla.

 

Seo na facail a bha sinn a’ litreachadh an t-seachdain seo:

 

Ealan

Bha sin a’ coimhead ri obair Kandinsky a-rithist agus rinn sinn obair le cearnagan.

Spòrs

Ag àm spòrs bha sinn ag obair air ionchaidheachd agus bha sinn a’ dèanamh rèisean.

 

Ag ionnsachadh ann a Clas 5R s/t 14.9.20

Matamataig

Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn luach a-rèir àite ann an ionnsachadh a-muigh an t-seachdain seo. Chleachd sinn bioran, clachan agus duileagan airson ar cuideachadh.

Cànan

Bha sinn a’ sgrìobhadh litir phearsanta gu caraid, ag innse dhaibh dè na rudan a tha eadar-dhealaitche mu dhèidhinn a bhith air ais anns an sgoil.

Sgrìobh sinn stòiridh  mu dheidhinn Seonaidh Sionnach agus Seòras Sleamhnan

Bha sinn ag ionnsachadh facail litreachaidh ùr:

 

Bha sinn ag èisteachd ri ceòl agus a’ sealltainn dè ar beachd air cò ris a bha e coltach ann am pàtaranan – bha e gu math spòrsail!

IMG_3198

IMG_E3196

 

 

 

 

 

Clas Uaine

Hàlo a h-uile Duine,

Tha an clas air a bhith ag ionnsachadh mu phàtranan domino agus pàtranan dot. Chleachd sinn na dìsnean mòra gus geama a chluich ann an spòrs gus ar n-ionnsachadh a chuideachadhAn t-seachdain seo bidh an clas ag ionnsachadh mun Fhoghar agus na h-atharrachaidhean a tha a’ tachairtBidh sinn a’ dèanamh barrachd obrach air pàtranan cunntaidh agus domino a‘ cleachdadh stuthan a tha rin lorg as t-fhoghair

Tha an clas cuideachd air a bhith ag ionnsachadh mu bhith a’ cunntadh agus a’ cur àireamhan ann an òrdugh sinn geama a tha ceangailte an seo airson ar n-ionnsachadh a thoirt air adharthttps://www.topmarks.co.uk/ordering-and-sequencing/caterpillar-ordering

The class have been learning about domino patterns and dot patternsWe have been using a large dice duringP.E to help with the learningThis week the class will be learning about Autumn and the changes that occurWe will be doing more work on counting and domino patterns using material that can be found during Autumn

The class have also been learning about counting and sequencing numeralsWe will dogame that is linked here to help the learninghttps://www.topmarks.co.uk/ordering-and-sequencing/caterpillar-ordering

Matamataig agus geamannan | Maths and games

Mar phàirt den phrògram Matamataig SEAL againn, tha sinn ag obair air aithneachadh gu luath pàtrain dot gun a bhith gan cunntadh. Bidh sinn a’ coimhead air pàtranan domino, pàtrain paidhrichean agus dotagan ann an arraidhean no pàtrain air thuaiream. Deagh dhòigh air taic a thoirt don ionnsachadh agus geamannan bùird a chluich! Carson nach fheuch thu e aig an taigh?

As part of our Maths programme SEAL, we are working on quickly recognising dot patterns without having to count them.  We look at domino patterns, pairs patterns and dots in random arrays or patterns.  A great way to support this learning and to play board games!   Why not have a go at home?

Seo ceangal le faidhlichean fuaim airson na h-àireamhan Gàidhlig.

Aireamhan | Numbers

Here is a link with sound files for the Gaelic numbers.

Gabh spòrs!  Have fun!

25.9.20

Halò!

Deireadh seachdain trang eile!

An t-seachdain seo thòisich sinn topaic ùr: Ar Coimhearsnachd – Lìte. Bhruidhinn sinn mu dheidhinn na bha sin eòlach air mar-tha, na bha sinn airson ionnsachadh agus mar a dh’ionnsaicheas sinn e.

Air Dimàirt, chaidh sinn air chuairt gu Uisge Lìte agus dhan Chladach. Bha tòrr spòrs againn. Chunnaic sinn tunnagan, radain, acair mòr agus eala bhàn. Seo sinn:

Nuair a thill sinn, rinn sinn sgeidse peansail de shealladh bhon chladach:

Maths:

Tron t-seachdain, dh’obraich sinn air cuir-ris le bhith cleachdadh diofar ro-innleachdan. Cuideachd, rinn sinn barrachd obair air stiuiridhean nuair a chaidh sinn a-mach dhan raon-chluiche. Chluich sinn geama stiuiridhean agus chruthaich sinn cuartan. Seall:

   

Litearrachd:

Sgrìobh sinn leabhar-latha mu ar cuairt  Dimàirt, ag innse na chunnaic sinn agus na bha sinn a’ smaoineachadh / a’ faireachdainn.

Tiorraidh an-dràst’!