7-11 den t-Sultain

An t-seachdain seo, rinn sinn drama. Leugh sinn ‘Na Tri Mucan Beaga’ agus an uair sin geàrr sinn a-mach pupaidean airson drama a chur air doigh.

Cuideachd, rinn sinn saidheans. Chruthaich sinn gliders, pleanaichean agus heleacoptarean agus bha sinn a’ coimhead air cho slaodach neo luath ‘s a bha iad. Dh’ ionnsaich sinn am facal ‘iom-tharraing’ (gravity).

Bruth air seo airson ar heleacoptar fhaicinn!

Heleacoptar

Ann an matamataig, chruthaich sinn ‘fortune tellers’ airson practas a’ dhèanamh air ar clàran uiread. Cuideachd, dh’ ionnsaich sinn mu dheidhinn cumaidhean 3sh (3D), agus chaidh sinn a’ sìreadh cumaidhean anns a chlas againn.

Tìoraidh!
C4G