C4S 07.09.20 – 11.09.20

Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn cumaidhean 3sh. Chaidh sinn a-mach airson coimhead san raon-chluiche airson diofar chumaidhean 3sh. Lorg sinn cònaichean, ciùban, siolandairean agus priosam triantanach.

Sgrìobh sinn litir gu Granaidh Meusaidh mun choille-uisge. Rinn sinn plana cuideachd. Bha e spòrsail.

Rinn sinn luach àite le a’ Bh-uas Croall agus leugh sinn mun choille-uisge còmhla rithe.

Rinn sinn suirbhidh an t-seachdain seo airson faighinn a-mach ciamar a tha daoine a’ tighinn dhan sgoil. Tha iad air a bhith ga dhèanamh airson 12 bliadhna!

Rinn sinn pupaidean airson innse sgeulahd anns a’ Ghàidhlig.

Thug sinn sùil air Aithne air Ainmhidhean agus dh’ionnsaich sinn mu crogaill, tigear agus bìobhairean.

Abair seachdain thrang a bha againne!

 

Chruthaich sinn ar beathaichean coille-uisge againn fhìn cuideachd. Seall na rinn sinn:

Buidheann 1

Buidheann 2

Buidheann 3

Buidheann 4

Buidheann 5

Buidheann 6