Seachdain a’ Toiseachadh 07.09.20 C7

Gaisgeach na Gàidhlig

Gach seachdain bidh cuideigin a ’ faighinn duais ‘Gaisgeach na Gàidhlig’ airson a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig agus a’ sealltainn urram do dhaoine eile. 

An t-seachdain seo ‘ s i Aoife a bhuannaich.  Meal do naidheachd Aoife!

Cuspair

Bha sinn a’ sgrìobhadh litrichean gu ar caraidean ùr ann an Alba Nuadh.  Bha sinn a’sgrìobhadh litir ann an Beurla is an uairsin ann an Gàidhlig.  Bha sinn a’cruthachadh foirm mu ar deidhinn fhìn.  Bha sinn a’ lìonadh a-steach phrìomh bhailtean ann an Alba Nuadh.

Cànan

Bha sinne ag obrachadh air faclan cumanta.  Bha sinn ag èistechd ri stòiridh ‘Donnachadh Dubh’ agus dh’fheuch sinn ri deireadh eader-dhealaichte a’chruthachadh.  Abair gun robh deagh stòiridhean againn.

Matamataig

Dh’ obraich sinn air fèin measadh an t-seachdain seo.  Cheartaich sinn ar n-obair againn fhìn is chaidh sinn tharais air na suim a fhuair sinn cèarr.  Bha e èibhinn oir bha feadhainn againn a’ cur a’ choire air an àireamhair nuair nach robh an aon freagairt aca! 

Bha sinn ag ionnsachadh ciamar a bhios sinn a’ cleachdadh an dòigh Sìneach airson a bhith obrachadh a-mach iomadachadh fhada.  Bha sinn a’ cluich ‘Hit the Button’ ag obrachadh le clàran uiread leis an geama.  

Nach feuch sibh fhèin e?

https://www.topmarks.co.uk/maths-games/hit-the-button

Cruinneachadh Air Loidhne

Bha a’ Bh-Uas NicPhàil a’ bruidhinn mu dheidhinn Beachd-Inntinn Fàis is Beachd-Inntinn Stèidhichte aig ann cruinneachadh.  Tha cuideigin le beachd-inntinn fàis ag obrachadh is a feuchainn air rudan – tha sinn uile ag iarraidh beachd-inntinn fàis.

Spàinnteis

Bha sinn a’ ruith thairis air àireamhan is dh’obraich sinn air an uair ann an Spàinnteis.

Spòrs

Ann an spòrs bha sinn ag obrachadh air fallaineachd agus bha sinn a’ dol mun cuairt na stèiseanan agus ag obrachadh air diofar dòighean a bhios ar bodhaig ag obrachadh.

Deagh Naidheachd

Bu chòir na sgoilearan seo a bhith gu math pròiseil mar a rinn iad ann an spòrs an t-seachdain seo.  Bha iad ag èisteachd gu dlùth is dh’obraich iad gu cruaidh aig gach stèisean.  Tha Mgr Vitry is a’ Bh-Uas Nic an t-Saoir gu math pròiseil asta!