C4S 14.09.20 – 18.09.20

Bha sinn ag obair le caraid ag ionnsachadh mun t-sreath-bìdh agus gheàrr sinn a-mach dealbhan agus chruthaich sinn sreathean-bidh.  

Sgrìobh sinn litir airson nan coille-uisge a shàbhaladh. Tha sinn feumach orra oir tha iad a’ toirt ogsaidean dhuinn. Cuideachd, tha na beathaichean a’ call an dachaighean.  

Rinn sinn duilleagan obrach ann am matamataig airson cunntadh agus suimen. Chadh sinn a-mach le cailc airson loidhnichean àireimh a dhèanamh. Bha sinn a’ feuchainn ri cunntadh suas cho fada ‘s a b’ urrainn dhuinn.

 Rinn sinn postairean airson innse cho cudromach ‘s a tha e a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig.

Mu dheireadh thall, sgrìobh sinn am blog.

Dh’ionnsaich sinn mun cuairt uisgeRinn sinn pocanan anns an robh uisgechuir sinn iad air na h-uinneagan. Tha sinn a’ feitheamh airson an t-uisge a thighinn sìosSeall na rinn sinn: