Thòisich sinn ar cuspair ùr mu dheidhinn ar coimhearsneachd- Lìte.
Chaidh sinn air turas gu Abhainn Lìte agus Cladach Lìte. Chunnaic sinn taighean, bùthan, tunnagan agus eala. Abair gu robh cuairt mhath againn!
Cuideachd, rinn sinn mapaichean de Lìte a-muigh le stuthan. An urrainn dhut Abhainn Lìte, an sgoil agus Pàirce Pilrig fhaicinn?