C2O Às dèidh nan Saor-làithean

Fàilte air ais às dèidh nan saor-laithean! Ged a bha an t-seachdain dìreach goirid, rinn sinn tòrr obrach agus abair spòrs a bh’ againn airson Oidhche Shamhna.

A’ gluasad mun cuairt airson matamataigs

Bha an clas airson innse dhut gun robh sinn ag ionnsachadh mu dhedhinn a’ cur àireamhan ann an òrdugh. Tha sin a-nis ag obair le àireamhan suas gu ceud!

A’ gluasad gu faclan slàn às dèidh fuaimean singlte
Sgriobhadh le peansailean dathte is ag obair mar sgioba

Tha sinn a’ cleachdadh nan cuibean fonaigs airson feuchainn air faclan slan a dhèanamh.

Bha sinn a’ sgrìobhadh mu dhedhinn nan laithean-saora againn. Tha sinn ag obair air ciamar a bhios sinn a’ sgrìobhadh air na liodhnichean, mu dhedhinn a bhith a’ cleachdadh bearnan corraig agus puingean stad.

An-diugh bha partaidh againn. Rinn sinn deuchainn le fìon-geur, sòda is siabann.


Bha sinn ag èisteachd ri ceòl eagalach agus a’ dannsadh. Bha sinn a’ leughadh sgeulachdan èibhinn agus a’ cleachdadh ar Gàidhlig airson bruidhinn mu dhedhinn an eìdeadh againn.

Airson ealainn, rinn sinn taighean rògach. Nach eil iad eagalach!

Tioradh an-dràsta!

Clas 1 G s.t. 26.10.20 | Class 1 G w.b. 26.10.20

Tha seachdain air leth mhath air a bhith againn ann an Clas 1 Gorm an t-seachdain-sa. Leugh sinn an sgeulachd ‘Leum Suas air an Sguaib’ le Julia Donaldson agus dh’ionnsaich sinn faclan ùra anns a’ Ghàidhlig. Bidh sinn a’ cumail a’ dol leis an aon sgeulachd an ath-sheachdain. Gheibhear bhidio den sgeulachd air a leughadh an seo; https://www.youtube.com/watch?v=0EA-Xa2KS-o&t=3s

We have had a great week in Clas 1 Gorm. We read ‘Leum Suas air an Sguaib’ (Room on the Broom) by Julia Donaldson and we learned a lot of new Gaelic words. We’ll be doing the same story next week. A video of the story being read can be found here:  https://www.youtube.com/watch?v=0EA-Xa2KS-o&t=3s 

Continue reading “Clas 1 G s.t. 26.10.20 | Class 1 G w.b. 26.10.20”

C4S | 27.10.20 – 30.10.20 

Bha sinn a’ coimhead air daoine ainmeil dubha airson nach robh tòrr spèis ann airson daoine dubha. ’S e Mìos Eachdraidh Daoine Dubha a th’ ann.  

Rinn sinn ialtagan airson Oidhche ShamhnaChuir sinn aodach sònraichte oirnn airson Oidhche ShamhnaRinn sinn pàrtaidh airson Oidhche Shamhna agus choimhead sinn am film Hotel Transylvania 3.  

 Rinn sinn clàran urrad ann am matamataig. Rinn sinn mapa den chlas airson sealltainn far an robh a h-uile duine a’ suidhe.  

Rinn sinn practas airson ruith sponsair. Tha sinn airson airgead a thogail airson a’ charthannais MhicGilleMhaolain  

Leugh sinn an leabhar ‘My Many Coloured Days’ le Dr Seuss. Air an teirm seobidh sinn a’ smaoineachadh mu ar faireachdainnean 

Sgrìobh sinn am blog cuideachd. Abair seachdain trang 

Seallaibh air cuid den chlas agus na ialtagan a rinn sinn:

Oidhche Shamhna agus Fonaigs | Halloween and Phonics

Tha sinn air a bhith a’ smaoineachadh mu dheidhinn Oidhche Shamhna an t-seachdain seo.  Dh’ionnsaich sinn faclan oidhche shamhna agus fhad ‘s a bha sin a’ cluich, rinn sinn geasan agus sgrìobh sinn sìos iad. Tha sinn air a bhith a’ cleachdadh aodaich-brèige agus a’ cluich ‘guising’! Chrìochnaich sinn an t-seachdain le partaidh beag ag innse fealla-dhà agus a’ dèanamh dannsaichean agus bha trèatan beag ann cuideachd!

We have been thinking about Halloween this week.  We have learned some Halloween Vocabulary and have been making potions and writing down the recipes for them.  We’ve also been dressing up  and playing at guising.  We finished the week by sharing our wee party pieces – telling jokes and doing dances and having a little Halloween party in class.  There was a little treat for the children as well.

An ath-sheachdainn, bidh sinn a’ toiseachadh ag ionnsachadh fonaigs Ghàidhlig agus mar a chuireas iad litrichean gu ceart. Bidh sinn a’ dèanamh na fuaimean, c agus a. Dèan cinnteach gun toir thu sùil air parentmail airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn seo agus tha ceanglaichean feumail rim faighinn an sin cuideachd. Bheir an ceangal seo bhidiothan dhut mu na fuaimean cuideachd; https://www.bbc.co.uk/programmes/b016vyvh/clips?page=2

Bidh mòran chothroman ann na sgilean sin a chleachdadh nar cluich a bharrachd air na seiseanan teagaisg foirmeil againn.

Next week we will be starting to learn our Gaelic phonics and forming our letters correctly.  We will be doing the sounds C and A.  Do have a look at parentmail for more information and there are useful links there as well.  This programme link will also help you with the Gaelic sounds.  https://www.bbc.co.uk/programmes/b016vyvh/clips?page=2  

There will be lots of opportunities to practice these skills in our play provision as well as in our formal teaching sessions.

Sin e bhuainnsa an drasta!

That all from us for now!

C5D- Oidhche Shamhna

At our Halloween party today we decorated ‘little pumpkins’ and played outdoor Halloween games: Halloween bowling, Halloween relay aces and pumpkin bean bag toss game. ¡Feliz Halloween clase 5!

C7S Seachdain 27.10.20

Oidhche Shamhna

Solly mar a’ Bh-uas Nic an t-Saoir

Cànan

Tha sinn air a bhith ag obrachadh air ar faclan cumanta an t-seachdain seo is dh’ionnsaich sinn dè a th’ ann am mòinteach is mòine.

Thòisich sinn air bun-mheasadh sgrìobhadh mac-meanmnach is criochnaichidh sinn seo an ath-sheachdain.

Matamataigs

Tha sinn ag ionnsachadh mu bhloighean co-ionann an t-seachdain seo.  Tha sinn a’ faicinn gu bheil ar clàran uiread is roinneadh uabhasach feumail nuair tha sinn ag obrachadh air bloighean.

Tha sinn cuideachd air toiseachadh air obair fuasgladh cheistean le Mgr Vitry.

Pròiseact

Tha sinn air toiseachadh ag ionnsachadh mu dheidhinn RSHP (Relationships, Sexual Health and Parenthood).  Dh’ionnsaich sinn mu ainmean a th’ againn airson pàirtean den bhodhaig, mu shlàinteachas phearsanta, gnàth-ìomhaighean (stereotypes) is a bhith cothromach. 

Clas 1 Uaine

Tha seachdain air leth mhath air a bhith aig a’ chlas air ais sasgoil. Air Dihaoine, bha tòrr spòrs aca a’ comharrachadh Oidhche Shamhna agus a’ dèanamh ceàirdean Oidhche Shamhna.  

An ath sheachdain, bidh sinn a’ coimhead a-rithist air an sgeulachd Leum Suas air an Sguaib, gheibhear bhidio den sgeulachd air a leughadh an seo;https://www.youtube.com/watch?v=0EA-Xa2KS-o&t=3s  

Bidh an clas cuideachd a’ tòiseachadh ag ionnsachadh fonaigs Ghàidhlig agus mar a chuireas iad litrichean gu ceart. Bidh sinn a’ dèanamh an fhuaim, c agus a an t-seachdain seo. Dèan cinnteach gun toir thu sùil air post-phàrantan airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn seo agus tha ceanglaichean feumail rim faighinn an sin cuideachd. Bheir an ceangal seo bhidiothan dhut mu na fuaimean cuideachd;

 https://www.bbc.co.uk/programmes/b016vyvh/clips?page=2   Continue reading “Clas 1 Uaine”

Tha a’ chiad teirm againn ann an Clas 1 seachad! | Our first term in Clas 1 is over!

An t-seachdain seo, rinn sinn barrachd le faclan comhardaidh, a’ cleachdadh rannan sgoil- araich bhon leabhar Rannan Chloinne rin Seinn. Gheibh sibh rannan an seo: https://seosibh.storlann.co.uk/thigachluich/

This week we did more with rhyming words using nursery rhymes, from the book Rannan Chloinne rin Seinn. You’ll get rhymes here:  https://seosibh.storlann.co.uk/thigachluich/

Continue reading “Tha a’ chiad teirm againn ann an Clas 1 seachad! | Our first term in Clas 1 is over!”