C4B 05.10 – 09.10

An t-seachdain seo ann an Àireamhachd, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn uiread agus roinn. Bha sinn a’ dèanamh cinnteach gun robh buidhnnean co-ionnan againn. Smaoinich sinn air cia mheud bòrd a dh’fheumamaid airson ar clas nam biodh sinn a’ cleachdadh buird le cumaidhean eadar-dhealaichte.
Ann an Slàinte is Sunnd bhruidhinn sinn mu dhaoine ainmeil aig a bheil beachd-inntinn fhàis. Dh’ionnsaich sinn mun trioblaid a bh’ aca agus mar a chùm iad a’ dol agus mar a bha iad soirbheachail mu dheireadh thall. Rinn sinn postairean airson na daoine sin a  shealltainn.
Aig àm-cluiche Diardaoin, chluich sinn gèama rugbaidh – nigheanan an aghaidh balaich. Bhuannaich na balaich ach bha tòrr spòrs againn uile agus bha sinn gu math sgìth as a dhèidh!
Tìoraidh an-dràsta bho,
Clas 4B

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *