Clas 3S (05.10.20-16.10.20)

Feasgar math,

Tha sinn air a bhith cho trang bho’n a’ bhlog mu dheireidh againn.

Matamataig

Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn cumaidhean 2D. Chòrd na geamanan maids agus bingo ruinn!

Chaidh sinn a-muigh agus rinn sinn cumaidhean le maideachan.

Litreachas

Gheàrr sinn litrichean a-mach à pàipearan agus sgrìobh sinn na faclan cumanta leotha. Chluich sinn tic-tac-toe cuideachd, abair spòrs!

Chòrd e rinn a bhith a leughadh ar leabhraichean le caraidean.

Cuspair

Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn obraichean ann an Lìte agus mar a ‘b urrainn dhuinn cuideachadh bùthan ionadail. Seall air na bùthan sgoinneil againn!

Cuideachd, chleachd sinn bogsaichean aison an Royal Yacht Britania a dhèanamh.

Tha sinn air a bhith ag obair cho cruaidh agus a-nis tha sinn deiseil airson ar laithean-saor! Tha sinn an dòchas gun còrdaidh iad riubh,

Bho Clas 3S

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *