Deireadh Teirm 1 – Laithean Saora an Damhair!

Halo a h-uile duine! Seo dhuibh beagan de chruinneachadh de na tha sinn air a bhith dèanamh anns na beagan sheachdainean a dh’ fhalbh.

Maths:

Ann am maths tha sinn air a bhith ag obair air dùblachadh agus cumaidhean. Tha sinn air geamaichean a chluich, ionnsachadh a-muigh a dèanamh agus duilleagan-obrach a dhèanamh.

Seo sinn a-muigh a’ lorg agus a’ togail dealbhan a-mach à stuth nàdarrach.

Agus seo eisimpleir de dealbhan a chruthaich sinn de dìneasar a-mach a cruthan 2sh.

Litearrachd

Ann an litearrachd tha sinn air a bhith a cumail oirnn le bhith sgrìobhadh agus a’ leughadh ar faclan cumanta:

Tha sinn cuideachd air a bhith ag ionnsachadh mar a sgrìobhas sinn litir le bhith cleachadh cromagan, loidhnichean ùra, gu agus bho. Chleachd sinn an leabhar ‘Nì siud a chùis thuirt Na creidheanan’ airson ar brosnachadh.

Leugh sinn stoiridh èibhinn leis an aimn: Dè an t-ainm a th’ oirt? Rinn  sinn tòrr gàire agus dh’ ionnsaich sinn mu bheathaichean annasach!

 

Topaic:

Ann an topaic tha sinn air tuilleadh ionnsachadh mu ar coimhearsnachd. An t-seachdain-sa chaidh rinn sinn deasbad mu ‘tramaichean: math neo dona’ ann an Lìte. Bha deagh bheachdan aig gach taobh! Chuir sinn oirnn gun robh sinn ann am Parlamaid

An t-seachdain-sa rinn sinn modaileadh à sgudal agus thog sinn an Royal Yacht Britannia:

Slainte agus Sunnd

Tha sinn air a bhith beagan sgìth sa mhadain ‘s mar sin tha sinn air beagan ioga a dhèanamh airson ar dusgadh suas:

Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu beachd-inntinn fàs anns a chlas agus ann an cruinneachadh. Tha fhios againn gum bi rudan ùr doirbh an toiseach ach ma chùmas sinn oirnn nì sinn a chùis! Smaoinich sinn air rudan a bha doirbh neo eagallach dhuinn aig toiseach an teirm agus mar a tha sinn nas misneachail leotha a-nis:

Tha sinn an-dòchas gum bi deagh laithean-saora agaibh uile! 🙂

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *