C7S Seachdain 12.10.20

Gaisgeach na Gàidhlig – Meal do naidheachd Roddy!

Cànan

Tha sinn air a bhith ag obrachadh gu math cruaidh air ar faclan cumanta an teirm seo is rinn sinn measadh an t-seachdain seo.  Bha sinn uile air adhartas a dhèanamh le ar cuid faclan.  Bha am measadh cho math gun robh an tidsear a’ rànaich le toileachais!!

Matamataig

Tha sinn air a’ bhith a’ coimhead air co-chomarran ann am matamataig an t-seachdain seo.  Choimhead sinn air ciamar a dh’obraicheas sinn a-mach co-chomharran ann an ceithir ceathreamhan.  Cha robh fios aig feadhainn againn cò a bh’ann am Fred Flintstone!

Slàint is Sunnd

Bha gach clas ag ullachadh bhideo no PPT airson innse dè bha iad ag ionnsachadh ann an Slàint’ is Sunnd an teirm seo.  Chruthaich sinne am bhideo seo.  Tha sinn an dòchas gun còrd e riubh.

 

 

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *