ST 02.10.20

Abair seachdain thrang!

‘S e poileas a bh’ annainn air Diardaoin. Sgrìobh sinn aithris air na thachair ri na trì gobhair ghruamach agus an troich anns an sgeulachd sin- tha dà thaobh air a h-uile sgeulachd!

Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn roinneadh ann an àireamhachd.

Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn co-cothromachd agus chleachd sinn sgàthan airson ar cuideachadh. Rinn sinn dealbhan le peant. Seall cho snog ‘s a tha iad.

Choimhead sinn air mapa na sgoile airson tir-stiureadh. Dh’obraich sinn ann am buidhnean ach bha a’ ghaoth làidir!

Chruthaich sinn duileagan airson gealltainn a’ dheanamh dhan coille-uisge. Ma tha sinn uile a’ dèanamh rudeigin beag, nì e diofar mhòr!

Taing airson leughadh!

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *