Tha sinn deiseil leis a’ chiad teirm againn còmhla! | We have finished our first term together!

Tha e air còrdadh rinn a bhith a’ teagasg clas purpaidh cho mòr! Tha sinn air am faicinn a’ fàs gu bhith nan clann bun-sgoile mòr. Tha sinn cho toilichte an Gàidhlig aca a chluinntinn a’ fàs gach latha agus gam faicinn a’ leasachadh sgilean de dh’ iomadh seòrsa. Tha sinn gu math moiteil asta, agus tha sinn cinnteach gu bheil thu moiteil asta cuideachd.

We have been enjoying teaching clas purpaidh so much!  We have seen them growing into big primary school children.  We are so happy to hear their Gaelic growing every day and seeing them developing all kinds of skills.  We have very proud of them and we are sure that you are too.

Nuair a thilleas sinn dhan sgoil, às deidh na laithean saora, bidh sinn a’ dèanamh cleasan sporsail mu Oidhche Shamhna!  Leughidh sinn ‘Leum suas air an sguaib’ agus bidh sinn a’ smaoineachadh mu na caractaran.

When we return from the holidays we will be having some fun connected with Halloween!  We will read ‘Room on the Broom’ and be thinking about the characters.

Mu dheireadh, mòran taing airson a h-uile tabhartas bìdh – tha sinn cinnteach gum bi mòran dhaoine taingeil air an son.

Finally, thank you for all of the food contributions – we are sure that many people will be grateful for them.

Agus na dìochuimhnich gu bheil cothrom aig do phàiste a’ chairt Nollaige aca fhèin a dhealbhadh! Gheibh sibh an teamplaid seo an-diugh – barrachd fiosrachaidh air parentmail.

And don’t forget that your child has the opportunity to design their very own Christmas card!  You should have received this template today (please see ‘class name’ filled in for reference).  More information on Parentmail.

Fuirich sàbhailte, cùm fallain agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith gur faicinn a-rithist!

Stay safe, keep healthy and we look forward to seeing you after the holidays!

Mrs Watson and Mrs Wight

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *