S/t 23/11/20

Clas làn Thidsearan

Abair latha spòrsail – thaining sinn uile dhan sgoil le aodach mar tidsear oirnn an-diugh. Bha sinn a’ cruinneachadh airgead airson charthannas Mac a’ Mhaoilain

 

 

Matamataig

An t-seachdain seo bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn tomais-lìonaidh. Bha sinn a ag obrachadh a-mach an cuirt-lìonaidh de diofar shoithichean.

Rinn sinn obair air cuir-ris le 3 agus 4 figearan agus bha sinn cuideachd ag obair air  urraid le àireamhan mòra.

Leughadh

Tha sinn ag obair air nobhail Ghàidhlig sgrìobte le Jeremy Strong, leis an t-ainm ‘Ploigh le Paidhhtean‘. An t-seachdain seo bha sinn a freagairt cheistean mu dheidhinn an teacs.

Ann a leughadh Beurla tha sinn ag obair air an nobhail ‘The Lion the Witch and the Wardrobe’ le C.S.Lewis.  An t- seachdain seo bha sin a taghadh facail as an teacs a bha  a’còrdach rinn agus bha sinn a’ mìneachadh na faclan le bhidh a’ cleachdadh an fhaclair.

Creideis

Am t-seachdain seo anns an proisect ùr againn bha sinn a’ coimhead air samhlaichean ann a diofar chreideamhean. Dh’obrich sinn còmhla air tomhais dè  na samhlaichean a bha co-cheangailte ri diòfar chreideamhan. Bha cuid aca gu math doirbh!

An nuair sin chruthaich sinn uile dealbh airson leine-T leis na samhalichean a tha cudromach dhuinn fhein air.

 

Spòrs

Tha sinn a’ dèanamh oidhrip  mhòr le obrachadh mar sgioba. Bha sinn gu math tràng ag obair  còmhla airson geamannan balla-làimhe a chluich.

 

 

[C2C – 2020.30.11] Diluain | Monday

Bha tòrr tidsearan ùra ann an C2C madainn Dihaoine agus nach robh iad uile a’ choimhead cho spaideil. Taing mhòr airson airgead a thogail airson MacMillan Cancer Trust. ’B e latha spòrsail a bh’ ann!

C4S | 23.11.20 – 27.11.20

Rinn sinn brataichean airson MacMhaoilein. Tha iad a’ dol a bhith ann am mìosachan 

Rinn sinn tìr-stiùireadh airson an turas mu dheireadh 

Dihaoinechuir sinn aodach tidseir oirnnChuir na tidsearan aodach sgoileir orra. Bha cothrom againn a’ teagasg rudeigin dhan chlasDh’ionnsaich sinn mar a  thu plèana paipeardealbh muc, òrain mu chearc, dealbh flùradealbh de Mrs Souter agus lùthcleasachd 

Rinn sinn airgead – chuir sinn sgilean ri chèile agus chuir sinn sgilean gu notaicheanRinn sinn bloighean a-rithist cuideachd.  

Sgrìobh sinn mu ar corragan sheunta 

Fhuair sinn PSA ur agus i snog. 

Mu dheireadh sgrìobh sinn am blog.    

 

Tha àm na Nollaig a’ tighinn! | Christmas is coming!

An ath-seachdain, bidh sinn a’ tòiseachadh ag ionnsachadh mar a dh’innseas sinn ar Sgeulachd Nollaig agus tha sin an dòchas gun urrainn dhuinn seo a shealltainn dhuibh ann am beagan sheachdainean. Bidh tòrr ghnìomhan co-cheangailte ris an Nollaig ann cuideachd!

Next week we will be starting to learn to tell the Christmas story and we hope to share this with you in a couple of weeks time. There will be lots of activities connected with Christmas too!

Anns an obair àireamhachd againn, tha sinn a’ coimhead gu sònraichte air dà bhuidheann de nithean a chunntadh, a’ cunntadh an àireamh anns gach buidheann agus an uair sin gan cunntadh gu lèir – ag obair a dh’ionnsaigh agus daingneachadh air na bun-bheachdan timcheall air cur-ris shìmplidh.

In our numeracy work we are looking particularly at counting two groups of items, counting the number in each group and then counting them altogether – working towards and consolidating the concepts around simple addition.

Fonaigs ùra againn | New phonics

Àireamh na seachdaine | Number of the week

Mar sin leibh!

ST 16.11.20

Halo!

Airson am proiseact againn, chuir sinn buidhnean air doigh. ‘S e Erin ar Àrd-oifigear agus ‘s e Oliver ar Àrd-cheannard. Tha a h-uile duine ann am buidheann.

Rinn sinn ‘election’ beag airson Guth Sgoilear agus bhuanaich Lennox.

Chriochnaich sinn ‘The Explorer’. Chòrd an leabhar seo dhuinn, ach ‘s e leabhar fada a bh’ ann! Cuideachd, chriochnaich sinn leabhar eile- Taoisean.

Rinn sinn sgrìobhadh ann am Beurla, mu dheidhinn ar corrag draoidheachd. Fhuair Maks agus Eilidh sàr-sgriobhadair. Seall na sgeulachdan aca!

 

Fhuair Catriona Gasigeach na Gàidhlig- ‘s math a rinn thu Catriona!

C5D – Latha Tidsearan ann an Aodach Sgoile airson Macmillan

It was a different Friday today! Pupils in C4 organised a fund raising event for Macmillan Cancer Support. Pupils dressed as teachers and teachers dressed as pupils.  In our C5D we had a little  Mrs. Dominguez, little Mrs. Young, little Miss Brown, little Mrs. McPhail, little PSAs , little Mrs. Wight, little Mrs. Ferguson , little PE teachers, Little Dr. Jones, little Miss Horne, little Forest School teacher, etc.. It was a very fun and creative event. Thank you C4 for organising this and thank you to all parents for the generous donations. Tapadh leibh!

 

 

C4B 23.11 – 27.11

An t-seachdain seo bha sinn trang a’ dèanamh rudan airson a bhith deiseil airson airgead a thogail airson Macmillan air Dihaoine. Rinn sinn taidhean airson an luchd-obrach agus ID badges dhuinn fhèin. Bha a h-uile duine a’ coimhead glè-mhath Dihaoine!
Airson taic a thoirt gu C4G, rinn sinn dealbhan airson nam mìosachan aca. ‘S e an seòrsa mìosaichean a th’ againn ‘Tachartasan tron Bhliadhna’. Chì sibh a dh’aithgheàrr na rinn sinn!!
Diardaoin rinn sinn deasbaid mu dheidhinn dè am peata a tha as fheàrr. Bha cuid a’ smaoineachadh gur e cù am fear as fheàrr agus bha cuid eile a’ smaoineachadh gur e cat am fear as fheàrr agus bha aonar ann ag ràdh gur e guinea pig a th’ anns a pheata as fheàrr.
Tìoraidh an-dràsta bho C4B

C7S Seachdain 23.11.20

Gaisgeach na Gàidhlig – Alasdair

Cànan

Bha tòrr spòrs againn ann an dràma  an t-seachdain seo nuair bha sinn ath chruthachadh dè bha air a bhith a’ tachairt anns na nobhailean leughaidh againn.  An ath sheachdain tha sinn gu bhith a’ coimhead air ciamar a bhios caractaran a’ cleachdadh na guthan aca ann an dràma.

Tha sinn air a bhith ag obrachadh air ar faclan cumanta an t-seachain seo cuideachd.  

Ann an leughadh tha sinn air a bhith a’ faighinn a-mach dè tha air a bhith a’ tachairt anns na nobhailean againn.  An ath sheachdain tha sinn gu bhith a’ leughadh dà chaibideil san clas.

Matamataig

Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh ciamar a bhios sinn ag obrachadh le deicheadan.  Tha sinn air a bhith a’ faicinn gu feum eòlas a bhith againn air ar clàran-uiread is ar sgilean roinneadh airson seo.

Pròiseact – Sàbhailteas Air Loidhne

Tha sinn air a bhith a’ bruidhinn gu dlùth mu dheidhinn dè cho sàbhailte ‘s a tha e nuair  tha sinn air loidhne. Dh’ ionnsaich sinn:

Cha bu chòir dhuinn a bhith a’ gabhail dealbhan no bhideothan gun cead dhaoine eile.

Cha bu chòir dhuinn a bhith a cur dealbhan air loidhne le bràiste ar sgoile san dealbh

Bu chòir na apps againn a bhith air prìobhaideach.

Cha bu chòir daoine fo aois 13 a bhith a’ cleachdadh na leanas:

  • Instagram
  • Twitter
  • TikTok
  • Snapchat
  • Tha What’s App airson daoine tha 16 +