C4B 16.11 – 20.11

Ann an Cuspair an t-seachdain seo, bha sinn a’ dèanamh stuthan airson an latha Macmillan a bhios againn an ath-sheachdain. Rinn sinn postairean agus taidhean airson na tidsearan. Thagh sinn dè na h-obraichean a bhiodh againn nar gnothachas cuideachd agus ‘s e Alexander a th’ anns an CEO dhen ghnothachas a-nis! Tha sinn an dòchas gum bi lathasgoinneil againn an sin.
Ann an Slàinte is Sunnd, chaidh sinn a-mach dhan ghàrradh airson na chiad-fhàthan againn a chleachdadh. Sgrìobh sinn pìos bàrdachd mu na chunnaic, chuala is dh’fhairich sinn.
Ann an Litireachd, leugh sinn an sgeulachd ‘Tha Magic Finger’ le Roald Dahl (ann am Beurla!) agus sgrìobh sinn mu na corragan draoidheachd againn fhèin.
Tìoraidh bho,
Clas 4B