C4B 2.11-6.11

Rinn sinn dealbhan a’ sealltainn teine agus cleasan teine airson Oidhche nan Cleasan Teine a chumail. Chleachd sinn pastels air an son.
Ann an matamataig bha sinn ag ionnsachadh mu chomharra-chleithe agus rinn sinn mapa-sù a’ sealltainn far am bi gach beathach a’ fuireach.
Ann an èisteachd is labhairt an t-seachdain seo, dh’ionnsaich sinn mar a bhios sinn a’ cleachdadh a’ cheist “An e?” agus na freagairtean “Chan e” no “‘S e”. Chluich sinn geama Charades airson practas a dhèanamh air a seo.
Tìoraidh bho Clas 4B