27.11.20

Halo! Dihaoine eile an seo mar tha!

An t-seachdain-sa tha sinn air a bhith a deanamh torr ionnsachadh mar as abhaist, gabhaibh suil….

Litearrachd

Ann an litearrachd tha sinn air cumail oirrn le bhith cruthachadh stoiridh ach an turas seo le bhith coimhead air structur. Leugh sinn an sgeubhlachd Goldilocks a bha sinn uile eolach air agus bhrist sinn sios e – far an robh iad, na caractaran, toiseach, meadhan agus an deireadh.

Choimhead sinn air puineachadh a gabhail aire air Puingean Stad, Litrichean Mora agus cromagan.

Matamataigs

Tha sinn air a bhith ag obair air teaghlaichean agus obrachadh muinteach. Mar eisimpleir: 

12+3=15

3+12=15

15-3=12

15-12=3

agus

____+ 7= 24   neo  24 – 7= ____

Ann an ionnsachadh a-muigh chum sinn oirrn le bhith ag obrachadh le maidean meatair. Rinn sinn dealbh de coin isbeanan, neonean greine, araidhean agus nathairean a bha nas fhaide na 1m ach nas lugha na 5m.  Nuairsin thomhais sinn iad. Seo sinn:

Eile

Ann an cuspair choimhead sinn air an creideamh Hinduthach. Leugh sinn an stoiridh Rama is Sita agus rinn sinn pupaidean de na caractairean. Cuideachd choimhead sinn air bhideos mu dheidhinn a bhith a deanamh rangoli agus an uairsin rinn sinn na rangolis againn fhein. Seall orra:

Togail airead airson aillse le MacMillan:

Chuir C4 air doigh ‘dress up day’ dhuinn far an do chuir sinn oirrn aodach mar tidsear agus chuir na tidsearan aodach sgoilear orra. Seo sinn: