An t-seachdain seo bha sinn trang a’ dèanamh rudan airson a bhith deiseil airson airgead a thogail airson Macmillan air Dihaoine. Rinn sinn taidhean airson an luchd-obrach agus ID badges dhuinn fhèin. Bha a h-uile duine a’ coimhead glè-mhath Dihaoine!

Airson taic a thoirt gu C4G, rinn sinn dealbhan airson nam mìosachan aca. ‘S e an seòrsa mìosaichean a th’ againn ‘Tachartasan tron Bhliadhna’. Chì sibh a dh’aithgheàrr na rinn sinn!!
Diardaoin rinn sinn deasbaid mu dheidhinn dè am peata a tha as fheàrr. Bha cuid a’ smaoineachadh gur e cù am fear as fheàrr agus bha cuid eile a’ smaoineachadh gur e cat am fear as fheàrr agus bha aonar ann ag ràdh gur e guinea pig a th’ anns a pheata as fheàrr.
Tìoraidh an-dràsta bho C4B