C7D Seachdain 23.11.20

Abair seachdain spòrsail!

Matamataig 

Ann an Matamataig dh’ionnsaich sinn dè th’ ann an buidsead agus na faclan ceangailte ris- ‘expenses’ agus ‘income’. Bha againn ri film a dhèanamh suas le buidsead de £600 no £800. Thagh sinn cò bha san fhilm, an seata, na probs agus pasgan sanasachd. Bha tòrr spòrs againn le seo ach bha e uaireannan doirbh cumail taobh a-staigh a’ bhuidsead.

Cànan 

Ann an cànan rinn sinn barrachd obair ceangailte ris an leabhar againn. Sheall sinn ar n-eòlas air an leabhar le bhith a’ freagairt cheistean ceangailte ris a’ chaibideil. A bharrachd air sin, rinn sinn pìos dràma de na leugh sinn gu ruige seo. Dh’fheumadh sinn ag obair còmhla gus sealltainn dè bha a’ tachairt san stòiridh agus dh’ionnsaich sinn mun bhuaidh a th’ aig gluasadan bodhaig agus d’ aodann airson sealltainn mar a tha caractar a’ faireachdainn.

Spòrs 

Còmhla ri Mgr Vitry chaidh sinn an am buidhnean agus chluich sinn geamaichean ball. Dh’ionnsaich sinn barrachd mu bhith ag obair ri chèile agus a bhith neo-eisimeileach.

Dihaoine 

Airson Madainn MacMillan, thàinig sinn a-steach dhan sgoil le aodach mar tidsear agus thàinig na tidsearan a-steach mar sgoilear. Bha e inntinneach agus èibhinn a’ faicinn a h-uile duine ann an aodach diofraichte.