Gaisgeach na Gàidhlig – Alasdair
Cànan
Bha tòrr spòrs againn ann an dràma an t-seachdain seo nuair bha sinn ath chruthachadh dè bha air a bhith a’ tachairt anns na nobhailean leughaidh againn. An ath sheachdain tha sinn gu bhith a’ coimhead air ciamar a bhios caractaran a’ cleachdadh na guthan aca ann an dràma.
Tha sinn air a bhith ag obrachadh air ar faclan cumanta an t-seachain seo cuideachd.
Ann an leughadh tha sinn air a bhith a’ faighinn a-mach dè tha air a bhith a’ tachairt anns na nobhailean againn. An ath sheachdain tha sinn gu bhith a’ leughadh dà chaibideil san clas.
Matamataig
Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh ciamar a bhios sinn ag obrachadh le deicheadan. Tha sinn air a bhith a’ faicinn gu feum eòlas a bhith againn air ar clàran-uiread is ar sgilean roinneadh airson seo.
Pròiseact – Sàbhailteas Air Loidhne
Tha sinn air a bhith a’ bruidhinn gu dlùth mu dheidhinn dè cho sàbhailte ‘s a tha e nuair tha sinn air loidhne. Dh’ ionnsaich sinn:
Cha bu chòir dhuinn a bhith a’ gabhail dealbhan no bhideothan gun cead dhaoine eile.
Cha bu chòir dhuinn a bhith a cur dealbhan air loidhne le bràiste ar sgoile san dealbh
Bu chòir na apps againn a bhith air prìobhaideach.
Cha bu chòir daoine fo aois 13 a bhith a’ cleachdadh na leanas:
- TikTok
- Snapchat
- Tha What’s App airson daoine tha 16 +