C4B 30.11-04.12

An t-seachdain seo, thòisich sinn ag ullachadh airson na Nollag. Rinn sinn Crobh na Nollag air an doras againn le ar làmhan. Chan eil e buileach deiseil fhathast ach tha sinn an dòchas gun tèid gu math leinn ann an co-fharpais na sgoile!
A’ bharrachd air a sin, rinn sinn bodach-sneachd airson taisbeanadh Gheamhraidh. Smaoinich sinn air dathan blàth is dathan fuar agus rinn sinn “Bodach Sneachd Fuar” agus “Bodach Sneachd Blàth”.
Mu dheireadh thall, tha sinn deiseil a-nis dhan an ‘Magic Finger’ le Roald Dahl. Sgrìobh sinn sgeulachdan mìorbhaileach mun àm a chaidh rudan ceàrr leis an corrag draoiachd againn. Rinn sinn dreachd an toiseachd agus an uairsin dh’fheuch sinn ri fiosrachadh a’ bharrachd a chur a-steach gus na sgeulachdan againnn a dhèanamh nas fheàrr. Seall air na sgeulachdan gu h-ìosal!

Tìoraidh bho,
Clas 4B