Clas 1 Uaine

Halo a h-uile duine, tha seachdain àlainn eile air a bhith aig a’ chlas san sgoil. Chuir sinn crìoch air na fuaimean singilte ann an Gàidhlig agus bidh sinn ag ath-sgrùdadh na fuaimean an ath-sheachdain. Tha e cudromach gum bi an clas comasach air na fuaimean singilte aithneachadh agus a bhith comasach air na litrichean a chruthachadh gu ceart.
An-dràsta tha sinn a’ dèanamh sgeulachd An Luchag Bheag agus bidh sinn a’ dèanamh barrachd obrach air an ath-sheachdain.
Ann an àireamhachd tha an clas a’ dèanamh barrachd ionnsachaidh mu bhith a’ cur dà chruinneachadh de chunntairean còmhla. Tha iad cuideachd ag ionnsachadh mu cho-chothromachd. Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain àlainn agaibh 😊

Continue reading “Clas 1 Uaine”

C4S | 22.03.21 – 26.03.21

Bha sinn a’ dèanamh roinneadh agus uiread.  

Dh’ionnsaich sinn mun uair air cloc didseatach 

Bha dithis anns a’ chlas gar teagasg mu dheidhinn bholcànothan 

Rinn sinn sruthan-chlàr ag innse mu dhiofar bracaistean.  

Airson spòrs an t-seachdain seo bha Jess còmhla rinn bho Active sports 

Sgrìobh sinn cuideachd mu dheidhinn Dùn Èideann. Bha sinn a’ sgrìobhadh air rudan ainmeil ann an Dùn Èideann 

Mu dheireadh rinn sinn am blog 🙂