Halo a h-uile duine, tha seachdain àlainn eile air a bhith aig a’ chlas san sgoil. Chuir sinn crìoch air na fuaimean singilte ann an Gàidhlig agus bidh sinn ag ath-sgrùdadh na fuaimean an ath-sheachdain. Tha e cudromach gum bi an clas comasach air na fuaimean singilte aithneachadh agus a bhith comasach air na litrichean a chruthachadh gu ceart.
An-dràsta tha sinn a’ dèanamh sgeulachd An Luchag Bheag agus bidh sinn a’ dèanamh barrachd obrach air an ath-sheachdain.
Ann an àireamhachd tha an clas a’ dèanamh barrachd ionnsachaidh mu bhith a’ cur dà chruinneachadh de chunntairean còmhla. Tha iad cuideachd ag ionnsachadh mu cho-chothromachd. Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain àlainn agaibh 😊
Hello everyone, the class has had another lovely week in school. We finished the single sounds in Gàidhlig and will be revising the sounds next week. It is important for the class to be able to recognise the single sounds and to be able to form the letters correctly.
At the moment we are doing the story of An Luchag Beag and will be doing more work on this next week.
In numeracy the class are doing more learning about adding two collections of counters together. They are also learning about symmetry. I hope you have a lovely weekend 😊