Protected: C7S Seachdain a’ tòiseachadh 22.04.21
Protected: s.t. 29.3.21
Clas 1 Uaine
Halo a h-uile duine ‘S e seachdain spòrsail eile san sgoil a tha air a bhith aig a’ chlas. Air Diciadain bha seisean deuchainn aca bh Sgoiltean Gnìomhach anns a robh geamannan èisteachd is gluasaid fìor mhath. Rinn an clas dealbhan breagha co-chothromach, thoir sùil air irisean ionnsachaidh gus eisimpleirean fhaicinn.
Tha an clas air dèanamh cho math ann a bhith ag ionnsachadh na fuaimean singilte agus ag ionnsachadh mar a sgrìobhas iad gu ceart. Seo bhideothan air cruthachadh litrichean a rinn mi nam bu mhath leibh sùil a thoirt orra agus beagan eòlas fhaighinn orra thairis air saor-làithean na Càisge. Chan e obair-dachaigh a tha seo ach rudeigin ri dhèanamh ma tha duine sam bith ag iarraidh am feuchainn;
An ath theirm, ionnsaichidh an clas barrachd mu bhith a’ measgachadh agus a’ tuigsinn mar a tha faclan air an cruthachadh, faclan sònraichte CVC. Bidh an clas cuideachd a’ dèanamh tòrr àireamhachd eile mar cur-ris, buidhnean sgaradh agus a’ cunntadh ann an deichean.
Tha mi an dòchas gum faigh sibh fois tro shaor-làithean na Càisge agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith gar faicinn fad teirm 4. Tìoraidh an-dràsta, Ms Bennett. 😊 Continue reading “Clas 1 Uaine”
Protected: A’ Chàisg
C5D- PE Easter
In Class 5 we played the egg and the spoon race for Easter. Great team work everyone! Happy Easter!
C5D – Español
En clase 5 hicimos la caza del huevo de Pascua y decoramos unos lindos pollitos. ¡Felices Pascuas!
Protected: C2O an t-seachdain seo: 29.03.21
Protected: Òrain is Bàrdachd a’ Mhòid – Mòd Songs and Poetry
C4S | 29.03.21 – 01.04.21
Rinn sinn geamannan matamataig agus dh’ionnsaich sinn an diofar eadar clocan didseatach agus analogach.
Rinn sinn fhèin -dhealbhan agus sgrìobh sinn na rudan is toil leinn. Dh’innis sinn dhan tidsear ùr againn, Ms MacDougall mu dheidhinn na rudan a tha sònraichte dhuinn.
Cuideachd, airson ealain, rinn sinn dealbhan dathach, air a bhrosnachadh le Rob Hain. Bha e cho spòrsail.
Chleachd sinn an atlas an t-saoghail agus dh’ionnsaich sinn tòrr fiosrachaidh mu dhiofair dhùthchannan.
Bidh sinn ag ionndrainn Ms Souter gu mòr. Tha sinn an dòchas gum bi a h-uile rud sgoinneil san t-Eilean Sgitheanach.
Mu dheireadh rinn sinn am blog 😊