Seachdain 24.1.22

Seachdain eile  deiseil!

Air Diluain, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn Raibeart Burns agus rinn sinn postairean mu a dheidhinn.

An uair sin, dh’ionnsaich sinn faclan Albais; cuid a bha ùr, agus cuid a bha sinn eòlach. Rinn sinn tartain le peant- nach iad a tha breàgha!

Ann an sgrìobhadh, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn comharran-labhairt. Tha sinn a’ cleachdadh iad nuair a tha cuideigin a’ bruidhinn. Rinn sinn comaigs airson an sgeulachd ‘Na Trì Mucan Beaga’ airson seo a shealltainn.

Tìoraidh an-dràsta!