Protected: Clas 5R Leabhraichean-leughaidh
Protected: Leabhar Neo-fhicsean
Protected: 28.2.22
Protected: Clas 1 Gorm s.t 21.2.22 | Clas 1 Gorm w.b. 21.2.22
Protected: Spelling C3S 24.02 – 10.03
Seachdain 21.2.22
Fàilte air ais!
Bua sinn trang air ais san sgoil an t-seachdain-sa as deidh seachdain far na sgoile. Thòisich sinn an leabhar Beurla, Charlotte’s Web a’ leughadh. Rinn sinn obair air sgrìobhadh anns a’ Bheurla le a bhith a’ sgrìobhadh postair iarrtas agus an clàr-ama aig Wilbur.
Ann am matamataigs, rinn sinn obair air ar chlàran-uiread. Chleachd sinn an làrach-lion seo: timestables.co.uk
Cuideachd, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn an cleoc digseatach agus mar a tha sinn ga leughadh.
Mu dheireadh, ann an saidheans, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn fuaim. Dh’ionnsaich sinn na faclan crithean (vibrations) agus tonn-fuaimne (soundwave). Rinn sinn fònaichean le sreang de diofar meudan airson faicinn an urrainn dhuinn ar caraidean a chluinntinn. Abair spòrs!
Sin e an-dràsta!
Protected: 2021.25.02 – | Dè tha sinn air a bhith ag ionnsachadh ann an C2C?
Protected: C6S Seachdain 22.02.22
Clas 1 Uaine
Halo a h-uile duine agus fàilte air ais tha mi an dòchas gun robh deagh shaor-laithean agad uile. Tha seachdain math air a bhith aig a’ chlas air ais agus tha e a’ còrdadh riutha a bhith a’ cluich còmhla rin caraidean aca.
Ann an litearrachd dh’ionnsaich an clas na fuaimean u agus ù agus an ath sheachdain ionnsaichidh an clas e agus è
Seo eisimpleir de e; each (horse) agus e (he) Seo eisimpleir de è; glè (very)
Seo ceangal snog de chuid de na fuaimean Gàidhlig; https://learngaelic.scot/sounds/e.jsp
Tha sinn cuideachd a’ leughadh an sgeulachd Golidlocks agus na trì mathan.
Ann an àireamhachd tha an clas ag ionnsachadh mar a nì iad suimean cur-ris sìmplidh agus mar a roinn iad buidhnean de dhotagan nam buidhnean nas lugha.
Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain snog agaibh 😊