Protected: C6S Obair-Dachaigh 30.03.22
Protected: C6S – Mòd Ionadail Dhùn Èideann
Protected: Clas 5R Reading Books – Non Fiction
Protected: 28.3.22
ST 21.3.22
An t-seachdain-sa, ann am matamataig, tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn teaghlaich àireimh airson cuideachadh le iomadachadh agus roinneadh. Tha seo a’ cuideachadh nuair a beàrn ann an suim.
Chriochnaich sinn an nobhail, Charlotte’s Web agus sgrìobh sinn leirmheas leabhar mu dheidhinn an leabhar. Chòrd e rinn!
Tha sinn air cuspair ùr a thoiseachadh ann an slàinnte ‘s sunnd mu dheidhinn biadh fallain. Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn an cuibhle-bìdh agus dè na diofar buidhnean a tha ann an diofar dínnearan.
Ghabh sinn pàirt ann an co-fharpais airson là nam mathraichean, agus rinn sinn dealbh mu dheidhinn cuideigin a tha a’ coimhead as ar deidh. Bhuainaich Julia and Evie flùraiachean agus teoclaidean airson a thoirt gu cuideigin mar phrèasant. Abair duais! Sin thu fhèin nighinnean!
Protected: C5A obair-dachaigh 28.3.22
C1P 25.03.22
Thòisich C1P sgeulachd ùr an t-seachdain: Mgr Uiogail agus Mgr Uagail, abair gu bheil e a’ còrdadh ris a’ chlas. Seo e; https://www.youtube.com/watch?v=mLcFaLQ0cWw
Thòisich an clas na faclan cumanta ionnsachadh; mi, mise, is, seo, agus. An ath sheachdain bidh sinn gan lorg!
C1P began learning a new story this week – Mgr Uiogail agus Mgr Uagail, you can watch it on this link. https://www.youtube.com/watch?v=mLcFaLQ0cWw
This week we also began learning our Faclan Cumanta mi, mise, is, seo, agus. Next week we will seek them out in texts.
Clas 1 Uaine
Halo a h-uile duine tha mi an dòchas gu bheil sibh gu math. Tha an sgeulachd Mgr Wiggle agus Mgr Waggle a’ còrdadh ris a’ chlas. Seo e;
Thòisich an clas air cuid de na faclan cumanta ann an Gàidhlig ionnsachadh; mi, mise, is, seo, agus. An ath sheachdain bidh an clas a’ coimhead tro leabhraichean gus na faclan seo a lorg.
Mar eisimpeleir : Tha mi toilichte. Seo cù.
Ann an àireamhachd ‘s e 10 an àireamh a th’ againn den t-seachdain agus ionnsaichidh an clas mu na diofar dhòighean an àireamh seo a dhèanamh.
Tha iad cuideachd ag ionnsachadh mar a chuireas iad buidhnean còmhla.
Tha an clas ag ionnsachadh mar a tha iad air atharrachadh bho bha iad nan leanaban agus seallaidh sinn ri mar as urrainn do theaghlaichean taic a chumail riutha fhad ‘s a tha iad ag atharrachadh agus a’ fàs.
Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain àlainn agaibh 😊 . Continue reading “Clas 1 Uaine”