Fàilte air ais!
Tha seachdain trang air a bhith againn. Ann am matamataig, dh’ ionnsaich sinn mu dheidhinn a bhith a’ cruinneachadh àireamhan. Cuideachd, chùm sinn oirnn a’ tomhas. Chaidh sinn a-mach dhan raon-cluiche airson tomhas agus cuideachd dh’obraich sinn air cudam.
Ann an litearrachd, dh’ionnsaich sinn mar a chleachdas sinn faclair. Cuideachd rinn sinn practas air ar faclan cumanta.
Ann an cuspair, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn Caisteal Dhùn Èideann agus an uair sin cruthaich sinn caistealan. Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn an neach-ealain, Rob Hain. Rinn sinn dealbhan anns an stoidhle aige. Seall na rinn sinn.
Rinn sinn practas air ar òran agus bardachd airson a’ Mhòid. Chluich Mrs Moore an fhidheal dhuinn.
Mu dheireadh rinn sinn gymnastics ann an spòrs. Seall na sgilean againn!
Tìoraidh an-dràsta!