Hallo a h-uile duine!
Seachdain trang le tòrr ionnsachadh ùr.
Ann am matamataigs, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn Graf-loidhne. Cuideachd, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn na samhlaidhean airson nas motha na agus nas lugha na. Feumaidh sinn smaoineachadh air mar crogal a tha airson an àireamh nas motha ithe. Cuideachd, chluich sinn geama le na dìsean airson practas a dhèanamh air ar clàran uiread.
Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn faclan a chuir ann an ordugh nuair a tha iad a’ toiseachadh leis an aon litir. Chleachd sinn na faclairean airson ar chuideachadh.
Rinn sinn sgrìobhadh cruthachail mu dheidhinn caisteal. Chleachd sinn faclan annasach agus fosglaidhean inntinneach.
Bhuanaich Keirah na duaisean seo aig an co-fharpais dannsa Gaidhelach aice. Sin thu fhèin Keirah!
Sin e an-dràsta!