An t-seachdain spòrsail, goirid againn.

Leis a’ Bh-uas Hoy, àlainn, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn cumaidhean 2D. Gu h-inntinneach, bha sinn a’ dèanamh deuchdainn mìorbhaileach.

Gu spòrsail, bha sinn a’ dèanamh cailleach-oidhche còmhla ris a’ Bh-uas Dean. Gu fortanach, bha ceumanan ann airson na dealbhan brèagha a dhèanamh.  Gu h-iongantach, bha sinn ag ionnsachadh gu bheil trì fabhran aig caillich-oidhche; aon airson priobadh, aon airson cadal agus aon airson glanadh!  Gu h-inntinneach, bidh cinn na caillich-oidhche a’ tionndaidh 270’!

Gu fortanach, bha sinn a’ leughadh Stig of the Dump an t-seachdain seo agus rinn sinn geama ceàrd an ùghdar far an robh sinn a’ lìonadh na beàrn. Cò a chreideadh gu barrachd briathrachas againn na th’ aig Clive King!

Dihaoine bhruidhinn sinn mu dheidhinn ar Luchan Sgoile.  Gu h-inntinneach, tha 9 ann is rinn sinn ceanglaichean le ar beatha làitheil san sgoil.  Gu glic, thuirt sinn gu bheil sinn ‘cruthachalachd’ nuair a tha sinn còmhla ris a’ Bh-uas Deans, aig àm-socair, a’ sgrìobhadh sgeulachdan, a’ cluich sa bhogsa-cluich agus nuair a bhios sinn a’ cruthachadh gheamanan.  Mhothaich sinn gu bheil Sensory Circuits, (a tha cuid den chlas an sàs ann) a’ bualadh air tòrr de na luachan!  Gu snog fhuair sinn cothrom a bhith le ar caraidean còir C2G, mar sin, còmhla chruthaich sinn postairean tarraingeach de na luachan ann an rionnagan!

 

 

C5C aig Lùchairt an Ròid

Cha b’ urrainn dhuinn dealbhan a thogail ach taobh a-muigh na lùchairte.

Gu sona, Diciadain, chaidh sinn gu Lùchairt an Ròid (Holyrood Palace) gus Seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh.

Gu mìorbhaileach, chaidh sinn dhan t-seòmar-ionnsachaidh an toiseach, cuideachd bha flùraichean cho àlainn ri bana-phrionnsa ann an gàrradh na Banrìghe!  Mhothaich tè sa chlas gu robh aon chraobh ann a bha a’ coimhead coltach ri caisteal. Continue reading “C5C aig Lùchairt an Ròid”

Ar Baile

An- diugh, thòisich clasaichean ag ionnsachaidh òran còmhla ris a Bh-uas Nic an t-Saoir a bhios iad a’ seinn aig Mhòd Ionadail Dhùn Èideann. Bidh a’ Mhòd a’ gabhail àite san sgoil air an 25mh den Chèitean.

Seo ceangal an t-òran airson clasaichean 5, 6, agus 7: https://www.bbc.co.uk/alba/oran/orain/ar_baile/

Ar Baile
Fàilt’ air an dùthaich is fàilt’ air a’ bhaile,
Is fàilt’ air an dachaigh a dh’fhàg sinn,
Ged bhiodh i gun chabar, ‘s an nead air a creachadh
Nach binn guth an eòin far na dh’fhàs e.

Tha bannan ann fhathast gu làidir gar tarraing
Nas lùthmhor na stòras is saoibhreas,
Nas dlùithe gar teannadh na slabhraidhean daingeann
‘S ar n-aigne gu lèir ann an dàimh riuth’.

Air cho fada ‘s gun triall sinn, thar chuantan is chrìochan
Cha tèid dìochuimhn’ air toiseach ar làithean;
‘S nach mòr an toil-inntinn bhith tilleadh a dh’ionnsaigh
Na muinntir bha dlùth dhuinn nar pàistean.

Fuaim ceòlmhor na mara ri flodraich sa chladach,
Fàileadh cùbhraidh an fhraoich is na mòna;
Crodh is caoraich a’ bhaile air feur Linnteagarraidh
A’ lìonadh ar broilleach le sòlas.

Fàilt’ air an dùthaich is fàilt’ air a’ bhaile,
Is fàilt’ air an dachaigh a dh’fhàg sinn,
Ged bhiodh i gun chabar, ‘s an nead air a creachadh
Nach binn guth an eòin far na dh’fhàs e.

An t-seachdain spòrsail aig C5

An-dè bha sinn a’ dèanamh  flùraichean stain glass inntinneach leis a’ Bh-uas Deans. Cuideachd, dh’ionnsaich sinn gun fheum thu dathan blàth a chleachdadh air an flùr is dathan fuar a chleachdadh mun cuairt air.

Ron a sin bha sinn a’ crìochnachadh na geamanan-biùird againn an uair sin bha na geamanan againn spòrsail.

Gu spòrsail, fhuair sinn a-mach gur dòcha gum faigh sinn cothrom na tidsearan a fhluicheadh aig Fèill Samhraidh na Sgoile an uair sin bha sinn cho sona ri bròg!

Gu h-inntinneach air Dimàirt sgrìobh sinn mu dheidhinn na làithean-saora spòrsail againn, cuideachd, bha sinn a’ dèanamh quizlet air na h-ipads.

Obair Dhachaigh

Abair gu robh sinn fortanach, moiteil a’ coimhead air obair-dhachaidh clas a còig an-diugh.

Dh’ionnsaich sinn mu dhaoine inntinneach aig an robh Gàidhlig – fear a ghoid caoraich, fear a tha a’ fuireach air Liosmore is fear a bha na chluicheadair ball-coise!

Chruthaich a’ chlas faclairean inntinneach is bha dealbhan mhìorbhaileach ann de na fasgaidhean a chruthaich iad.  Gu mìorbhaileach, bha tòrr fios ann mu na h-eòin!

Coimhead air an imovie againn gus am faic thu cuid den obair againn!

Seo dealbh de chù leis an ainm Friday!  An creideadh tu, cha robh ach Gàidhlig aige!

Cù leis an ainm Friday.

My Movie 7

Cearcall-Uisge

An t-seachdain bha sinn a’ dèanamh bileagan-fiosrachaidh ann am buidheanan ma dheidhinn a’ Chearcall-Uisge; a’ chuspair againn.  Chruthaich sinn iad le feartan leabhraichean fiosrachaidh mar fo-thiotalan, stiùireadh, diagraman is faclairean.  Bha sin spòrsail oir tha sinn air a bhith ag ionnsachadh ma dheidhinn teann-stuth, lionn agus gas anns a’ Bheurla agus anns a’ Ghàidhlig.

Continue reading “Cearcall-Uisge”

Turas Mìorbhaileach aig Clas 5C

Gu mìorbhaileach air Dimàirt chaidh sinn gu Caisteal Dhùn Èideann. An rud as mìorbhailiche mu dheidhinn do chuid, is e gun robh e a’ cur an t-sneachd!

Nuair a bha sinn anns an t-seòmar-ionnsachaidh, (a b’ àbhaist a bhith na phrìosan!) bha sinn a’ cur oirnn deisean spaideil aosmhor bho làithean Mhàiri (1542-1587). Chòrd e ris a h-uile duine gu mòr!

Gu h-inntinneach chaidh sinn a-steach do sheòmar gu math beag far an do rugadh Seumas VI rìgh, mac Mhàiri.

Gu h-iongantach dh’fhuirich sinn ann airson dà uair a thìde. Mar sin bha spòrs ar beatha againn.

Gu fortanach fhuair sinn cothrom a dhol a-steach do Chaibeal Naomh Mairead, an togalach as sine ann an Dùn Èideann. Bha tòrr mòr spòrs againn an-sin air sgàth ’s gum faca sinn bòrd snasail ann.

A dh’aindeoin an t-sneachd bha turas math, sgoinneil, inntinneach againn!