Halo a h-uile duine tha mi an dòchas gu bheil sibh uile gu math. Bha seachdain math aig a’ chlas làn de dh’ ionnsachadh.
An ath sheachdain tòisichidh an clas air sgeulachd ùr Air Bodagh sa Pholl (Cow stuck in the poll).
Is e sgeulachd àlainn a th’ ann mu bheathaichean tuathanais. An so tha e ‘ga leughadh gu h-àrd ;Stòraidh- ‘Air Bhogadh sa Pholl’- Audio
Tha iad fhathast ag ionnsachadh nam faclan cumanta ann an Gàidhlig; tha, gu, do, dol, cò and ro
Ann an àireamhachd tha an clas a’ dèanamh tòrr ionnsachadh mu airgead, luach gach bonn taobh a-staigh 10sg agus mar a chuireas iad buinn an taobh a-staigh 10sg
Tha an clas ag ionnsachadh barrachd mu phlanntachadh, mar a chuidicheas iad lusan gus fàs agus soirbheachadh.
Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain snog agaibh 😊