C4D – Gaelic Reading

Pupils in C4D buddied up with pupils in C5. Together they   practised reading their Gaelic books. It was a very exciting experience to get to know their new buddies!

C4D- Taighean agus Dachaighean

Tha C4D ag ionnsachadh mu dheidhinn na diofar seòrsaichean toglaichean ann an Dun Èideann agus a’ faighneachd na ceistean:

  • Carson a tha iad feumail?
  • Cò a chleachd a bhith a’ fuireach ann uaireigin?
  • Dè an obair a th’ aig daoine a bhitheas a’ togail taighean?

 

C4D- Fonaics na Beurla

Tha C4D air a bhith ag ionnsachadh foniacs na Beurla còmhla ris a Bhean Uasal Young.

“Tha ionnsachadh fonaics spòrsail or bidh sinn a’ dèanamh cumaidhean airson gach litir agus fuam, agus bidh sinn a’ cluich ‘Tha Sìm ag radh’

C4D – Sgrìobhadh Notaichean agus Prìomh Fhacail

Ann an C4D tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mar a bhitheas sinn a’ sgrìobhadh notaichean fhad ‘s a tha sinn ag èisteachd ri sgeulachd, agus a bhith a’ sgrìobhadh sios na prìomh fhacail. Rinn sgoilearan C4D obair mhath le bhith a togail às am fiosrachaidh cudromach, agus a bhith a’ sgrìobhadh agus ag èisteachd ag an aon àm. ‘S math a rinn sibh C4D!

 

Clas 2T- Ealan

Tha sgoilearn C2T air a bhith ag obair gu dìcheallach air pròiseact na h-ealain chruthachail airson farpais an Comann Cheilteach Rìoghail. Seall air na diofar èisg a chruthaich sinn, agus chan eil aon dhuibh coltach! Tha sinn air cleachdadh pàipear gorm airson cùl an dealbh, peant, pinn  agus tòrr stuthan eile de dh’iomadh dath airson luachan ar sgoile a shealltainn.

Is e na luachan a th’ air an riochdachadh an seo: Iomadachad, Urram agus Fèin-urram, Obair Sgioba agus Cruthachalachd.

Clas 2T – An-diugh ‘s An-dè

Tha pròiseact an teirm sa air còrdadh ri clas 2T gu mòr! Gus crioch a chur air ar cuspair ‘an-diugh ‘s an-dè’ bha latha sgoile Bhictorianach againn. Chaidh ar seòmar teagasg air ais ann an tìm. Bha bùird na sgoilearan air an cuir ann an sreathan fada. Chaidh na balaich a chuir fa seach a’ chlann nighean agus trannsa a chuir eadar iad.

Chaidh buird dubh agus cailc a thoirt don chlann airson an cuid sgrìobhadh airson an latha. Bha a’ chlann ag aithris clàran uiread gun robh iad aca air an teanga.

Dh’ionnsaich sgoilearan cuideachd mu dheidhinn a’ bhanrìgh Bhictoria! Fiù nach d’thug an tidseaer sùil air innean na sgoilearn gus a bhith cinnteach gun robh iad glan. Bha ad Dunce sa chlas agus chòrd e ris a’ chlann a bhith ga feuchainn orra.

As deidh tòrr obair chruaidh sa chlas, chòrd e ris a’ chlann a bhith cluiche geamaichean Bhictorianach san raonn-chluich.   

 

C2T- Ealain – Caisteal Dhùn Èidean

Tha sgoilearan bho C2T air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn eachdraidh  Caisteal Dhùn Èidean agus a’ deanamh coimeas eadar mar a bha e uairigean agus mar a tha e an-diugh. Ann an ealain rinn iad caistealam àlainn a’ cleachdadh stampaichean.

Nach eil iad breagha? Obair fìor mhath C2T!

 

Seall agus Innis C2T

An t-seachdain seo, fhuair sgoilearan C2T an cothrom nithean sònraichte a thoirt a-steach airson an sealltainn don caraidean. Fhuair iad uile an cothrom seasamh air beulaibh a’ chlas, innis dhan a h-uile duine mu dheidhinn an rud sònraichte acasan agus freagairt cheistean mu dheidhinn. Abair gun do chòrd seo riutha!  

Cuspar – C2T An-Diugh agus An-Dé

B’ e An-diugh agus An-dè am pròiseact a bh’ aig clas 2 an teirm seo. Bha sgoilearn ag ionnsachadh mu dheidhinn sgoiltean bho chionn fhada. Chord e riutha ionnsachadh mu dheidhinn coltas na seann seòmraichean teagasg agus mar a bha iad ag ionnsachadh as aonais teicneòlas, dealan agus nithean eile a tha cumanta an-diugh!

Bha uabhas orra ionnsachadh gum biodh aig suas ri coighnear chloinne ri suidhe air beingean a chaidh an dèanamh airson dithis! Dh’fheuch iad fhèin an uairsin ri obrachadh aig bòrd far an robh tòrr chloinne nan suidhe!

Litreachas Ghàidhlig – Class 2T

Tha sgoilearan clas 2T air a bhith ag obair gu dìcheallach an t-seachdain seo air an sgil sgrìobhadh chruthachail aca. Bha aig clan ri sgrìobhadh toiseach, meadhan agus deireadh gu h-èifeachdach. Sgrìobh clas 2T sgeulachdan inntinneach a’ cleachdadh an cuid Gàidhlig gu math!

 ‘S math a rinn sibh clas 2T!